Skip to content

Community Land Scotland

CASE STUDY: Gaelic Communities Fund
Urras Oighreachd Chàrlabhaigh | Carloway Community Estate

Pròiseact: Sgoil Shamhraidh
Maoin Coimhearsnachdan Gàidhlig air an Tabhann: £4,400

Eachdraidh

Chaidh Urras Oighreachd Chàrlabhaigh (UOC) a stèidheachadh ann an 2012 gu Oighreachd Chàrlabhaigh a cheannach às leth na coimhearsnachd.  An-dràsta, tha triùir luchd-obrach air am fastadh ag obair air raon farsaing de phròiseactan às leth na coimhearsnachd.

‘S e UOC am prìomh bhuidheann airson an sgìre eadar Dail Mòr is Gearraidh na h-Aibhne, agus tha cumail agus leasachadh na Gàidhlig mar aon de na prìomh amasan. Bha mòran phròiseactan agus thachartasan ann an 2021/2022 a bha faisg air làimh, agus chur UOC fòcas air clasaichean Gàidhlig fad sheachdain agus cothroman còmhraidh, ann an co-bhonn le Colaist a’ Chaisteil, Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean.

Pròiseact

Bha fòcas a’ phròiseict, Sgoil Shamhraidh, air meudachadh mòr air sgilean cànain feadhainn de mhuinntir na coimhearsnachd. Nochd còrr air 20 neach ùidh sa chùrsa an-toiseach ach le cosgais, ùine agus faotainneachd, `s e naoinear inbhich a fhritheil na clasaichean air an ruith le neach-proifeiseanta Gàidhlig san sgìre.  Chaidh am pròiseact, a bha co-fhreagrach ri pròiseactan agus tachartasan eile san sgìre air a ruith agus air a shanasachd tro UOC.

Bho thùs, bha am pròiseact a’ dol a gabhail àite as t-samhradh agus a’ dol a’ leantainn stòrasan SpeakGaelic. Ach, mar thoradh air dàil ann an obair-togail aig an làrach, chaidh seo atharrachadh chun Dàmhair.  B’ e an dara dùbhlan dian-chùrsa SpeakGaelic.  Leanar iad airson a’ chiad trì làithean, ach chaidh an dà latha mu dheireadh atharrachadh gu freagairt air an luchd-frithealaidh. Le bhith ag obair còmhla ri tidsear Gàidhlig le eòlas, airson an dà latha mu dheireadh chruthaich an tidsear stuth a bha freagairt air modhan ionnsachaidh na buidhne. Bha e comasach an atharrachadh seo a dhèanamh ann an ùine glè ghoirid agus dh’fhàg sin gu robh e nas fhasa do luchd-frithealaidh an amasan pearsanta a choileanadh.

Ionnsachadh

Tharraing pròiseact Sgoil Shamhraidh stòrasan gnàthaichte le sgilean ionadail gu cothrom ion-mhiannaichte air dian-ionnsachaidh.  Le bhith ag obair còmhla ri tidsear le eòlas san sgìre, ghabh an cùrsa atharrachadh gu coinneachadh air feumalachdan luchd-frithealaidh. `S fhiach seo beachdachadh air an uair a tha daoine le measgachadh chomasan ag ionnsachadh còmhla. A thuilleadh, bha fòcas a’ phròiseict air measgachadh de chlasaichean foirmeil agus tachartasan cultarail sa choimhearsnachd, a thug cothrom do luchd-frithealaidh feuchainn ri Gàidhlig a chleachdadh le caochladh dhaoine agus shuidhichidhean agus a’ daingneachadh cudrom Gàidhlig anns a’ choimhearsnachd.