CASE STUDY: Gaelic Communities Fund
Urras an Taobh Sear | Staffin Community Trust
Pròiseact: SÚil an t-Solais
Maoin Coimhearsnachdan GĂ idhlig air an Tabhann: ÂŁ15,000
Eachdraidh
Chaidh Urras an Taobh Sear a stèidheachadh ann an 1994 le muinntir na sgĂŹre a bha daingeann gu dèiligeadh ri na dĂšbhlain mu choinneamh an coimhearsnachd air an tuath far bheil croitearachd agus GĂ idhlig aig a theis mheadhain. Aig an Ă m seo, tha UTS aâ fastadh dithis luchd-obrach ag obair air pròiseactan aâ gabhail a-steach bĂšth coimhearsnachd, cidhe agus balla-fasgaidh Ăšr, Ecomuseum, taigheadas agus raon de phròiseactan chultarach thairis nam bliadhnachan.
Pròiseact
Tha pròiseact SĂšil an t-Solais stèidhichte air eachdraidh agus dĂŹleab strĂŹ nan croitearan ann an sgĂŹre Stafainn. Aâ togail air prògram de thachartasan coimhearsnachd, thĂ inig am pròiseact gu ceann le taisbeanadh a mhair dĂ mhĂŹos, nam measg fo choimisean sònraichte pĂŹos sgrĂŹobhaidh le Maoilios Caimbeul, dealbhan de mhuinntir na sgĂŹre, filmichean agus duilleagan-obrach do chlann-sgoile. Chuidich am pròiseact cuideachd le cuimhneachan seasmhach air StrĂŹ nan Croitearan.
Bâ e am prĂŹomh atharrachadh gun tĂ inig caochladh air fòcas an taisbeanaidh mu dheireadh. An Ă ite a bhith aâ cruthachadh fhilmichean dhan choimhearsnachd, chaidh co-dhĂšnadh gum biodh e na bâ iomchaidh dealbhan a thogail do mhuinntir sa choimhearsnachd, còmhla ri na sloinnidhean (siostam traidiseanta GĂ idhlig airson ainmeachadh). Thug seo cothrom do dhaoine coinneachadh anns aâ chafaidh ionadail far an do nochd an taisbeanadh an toiseach. Cha robh frithealadh buileach cunbhalach, ach bha e sòisealta, agus tro mheadhan na GĂ idhlig.
Le bhith aâ toirt dualchas, cultar, rannsachadh, taisbeanadh agus comann sòisealta còmhla thĂ inig pròiseact inntinneach am bĂ rr dhan choimhearsnachd a thug cothrom do dhaoinâ òga san sgĂŹre an cuid sgilean fhoillseachadh agus aâ toirt ri chèile coimhearsnachd sgapte timcheall air cuspair sònraichte.
Ionnsachadh
Tro fòcas soilleir dualchais, aâ cleachdadh sgilean muinntir na sgĂŹre, agus aâ cur air dòigh thachartasan sa choimhearsnachd a bha gu nĂ darrach tron GhĂ idhlig, nochd UTS gu lean buaidh air cleachdadh na GĂ idhlig sa choimhearsnachd. A-rithist, `s e slighe a tha seo do dhaoinâ òga sa choimhearsnachd a bhith an lĂšib chĂšisean agus ag ionnsachadh barrachd.





