Skip to content

Community Land Scotland

CASE STUDY: Gaelic Communities Fund
Urras Taobh Siar na Hearadh | West Harris Trust

Pròiseact: Fàs
Maoin Coimhearsnachdan Gàidhlig air an Tabhann: £6,775

Eachdraidh

Thòisich Urras Taobh Siar na Hearadh (WHT) ann an 2008 agus tha sealbh aca a-nis air faisg air 8,000 acraichean fearann, còmhla ri taigheadas, talla coimhearsnachd, goireasan do luchd-turais, rianachd fearainn agus mòran eile. Tha ceathrar luchd-obrach air am fastadh le WHT le fòcas air  cothroman eaconamach, sòisealta agus leasachadh ath-nuadhachail san sgìre. Tha iad air iomadh pròiseact sònraichte a choileanadh agus bha iad a’ coimhead ri cothroman cultarach agus dualchais.

Pròiseact

‘S e sgìre far an robh a’ Ghàidhlig ga cleachdadh gu bitheanta a th’ ann an WHT, ach an-diugh tha mòran de luchd-còmhnaidh nach eil fileanta no aig nach eil misneachd a bhith bruidhinn Gàidhlig.  Chaidh oileanach le Gàidhlig fhastadh airson pròiseact 10-seachdain thairis air an t-samhradh ag amas air meudachadh cleachdadh na Gàidhlig ann an obair an Urrais agus air feadh coimhearsnachd Taobh-siar na Hearadh. Am measg na chaidh a chur air dòigh bha leasanan agus tachartasan Gàidhlig, làrach-lìn agus meadhanan sòisealta WHT a’ gabhail a-steach Gàidhlig, ag ullachadh suirbhidh choimhearsnachd, agus aithisg dheireannach a’ toirt beachd air cleachdadh ghnàthaichte is teachdail air Gàidhlig ann an obair an Urrais. Rinn an oileanach cuideachd agallamh le neach a bha còmhnaidh san sgìre aig an robh 100mh ceann-bliadhna a’ coimhead ri atharrachaidhean sa choimhearsnachd thairis na linntean.

Nochd an t-suirbhidh agus an aithisg gu bheil taic na coimhearsnachd làidir agus misneachail. Chaidh mòran ùine a chur ann an ullachadh, cuairteachadh agus mion-sgrùdadh na h-aithisg ach fhuaireadh dealbh soilleir den taic sa choimhearsnachd.  Fhuaireadh cuideachd fios air ais bho na tachartasan a ghabh àite agus chaidh sin fhighe a-steach dhan aithisg a bha na innleachd a bha feumail airson beachdan na coimhearsnachd agus luchd-turais a shireadh.

Le bhith a’ fastadh oileanach air cunnradh goirid, chaidh obair chonaltraidh deatamach a choileanadh, a’ meudachadh an dà chuid eòlas an oileanaich agus tuigsinn na coimhearsnachd air am prìomhachasan agus tha e soilleir gu bheil taic ann dhan Ghàidhlig.  

Ionnsachadh

Le tìde a ghabhail gu suirbhidh ullachadh fhuaireadh cothrom airson fiosrachadh soilleir, mionaideach fhaighinn bhon choimhearsnachd. `S dòcha nach cuir na toraidhean iongnadh air cuid, ach ma tha pròiseactan cultarach a’ dol a shoirbheachadh, tha e cudromach gum bi taic ann bhon choimhearsnachd.  Tro bhith a’ cleachdadh raon de dh’innealan conaltraidh chaidh co-chomhairleachadh le farsaingeachd den t-sluagh agus fhuaireadh dealbh soilleir de thaic sa choimhearsnachd.

Bhon phròiseact seo, thuig an Urras gu robh ùghdarras ann bhon choimhearsnachd gum biodh Gàidhlig nas fhaicsinnich ann an obair an Urrais. Tha WHT a’ coimhead gu bheil feum Gàidhlig a bhith fighte ann am feallsanachd an Urrais (chan ann dìreach ann am pròiseactan Gàidhlig fa leth) gus a bhith cinnteach gum bi an obair seo maireannach.