Skip to content

Community Land Scotland

CASE STUDY: Gaelic Communities Fund
Urras Coimhearsnachd Chille Mhòire | Kilmuir Community Trust

Pròiseact: Sgeulachdan Ar Sgìre
Maoin Coimhearsnachdan Gàidhlig air an Tabhann: £3,050

Eachdraidh

Ged a chaidh Urras Coimhearsnachd Chille Mhòire (KCT) a stèidheachadh ann an 2020, thòisich a’ chiad neach-obrach pàirt-ùine aig toiseach 2022 – dìreach ann an àm airson iarrtas gu Maoin Coimhearsnachdan Gàidhlig.  Tha fòcas KCT air leasachadh talla a’ bhaile agus ga ath-stèidheachadh aig cridhe na coimhearsnachd.

Pròiseact

Bha dùil aig pròiseact KCT, Sgeulachdan Ar Sgìre, gu ruitheadh iad seiseanan a’ coimhead ri cuspairean dualchais agus cultair. A’ leantainn an dèidh nan seiseanan, bha dùil gun cruthaicheadh òigridh na sgìre na filmichean aca fhèin a’ comharrachadh prìomh chùisean anns a’ choimhearsnachd bheothail Ghàidhlig mun cuairt.

Gu mì-fhortanach, mar thoradh air tachartasan brònach a thug buaidh air a’ choimhearsnachd, chaidh na seiseanan an cur dheth agus le sin thàinig dàil air filmeadh.  Air sgàth `s gu robh a’ choimhearsnachd air nithean eile a chur air dòigh tron t-samhradh, chaidh lùghdachadh air a’ phròiseact a’ gabhail a-steach ceilidh coimhearsnachd agus sreath de sheiseanan seinn nan salm Gàidhlig. Chaidh leabhran ullachadh do na seinneadairean, cothrom do dh’òigridh na sgìre ionnsachadh sgilean cuir a-mach loidhne, agus cothrom don a h-uile duine seinn còmhla ris a’ bhuidheann a’ cur eòlais dhaibh fhèin air stoidhle seinn san t-seann nòs.

Ionnsachadh

Tha KCT iad fhèin air iomradh a thoirt air neo-iomchaidheachd àm a’ phròiseict.  A’ dol air adhart, bhiodh a leithid seo de phròiseact ga chur air dòigh tro mhìosan a’ gheamhraidh an uair a bhios ùine aig muinntir na coimhearsnachd gu bhith an sàs. Tha am pròiseact mar a bha e a-nis a’ feitheamh ris an ath chothrom maoineachaidh.