Skip to content

Community Land Scotland

CASE STUDY: Gaelic Communities Fund
Urras Coimhearsnachd Bhràdhagair agus Arnoil | Bragar and Arnol Community Trust

Pròiseact: Grinneabhat 2122
Maoin Coimhearsnachdan Gàidhlig air an Tabhann: £5,000

Eachdraidh

Chaidh Urras Coimhearsnachd Bhràdhagair agus Arnoil (UCBA) a’ stèidheachadh ann an 2012 a’ frithealadh do bhailtean Bhràdhagair agus Arnoil, sgìre le timcheall air 150 dachaigh agus 400 neach, agus timcheall air 70 sa cheud le comas labhairt sa Ghàidhlig.  `S e iomairt shòisealta a th’ ann an UCBA a’ cleachdadh na prothaidean uile gan cur a chum buannachd coimhearsnachd ionadail Bhràdhagair agus Arnoil.  Tha seo a’ gabhail a-steach a bhith a’ ruith goireasan coimhearsnachd, àite taisbeanaidh, cafaidh, àite-fuirich do luchd-turais, seòmar-nigheadaireachd, agus puing-lìonaidh carbadan dealain.  Tha sealbh aig an Urras air togalach coimhearsnachd Ghrinneabhat ann an Ceann a Tuath Bhràdhagair, an Eilean Leòdhais.

Pròiseact

Tha dealas làidir aig UCBA gu taic, brosnachadh agus leasachadh na Gàidhlig chan ann a-mhàin ann an obair na buidhne, ach tro oidhirpean coimhearsnachd is nàiseanta a’ cumail taice ri Gàidhlig agus ris a’ chultar.  Ann am pròiseact UCBA, Grinneabhat 2122, bha làn phrògram de thachartasan agus cothroman taic sòisealta san sgìre.  Ann a bhith a’ dèanamh seo, chaidh amas air meudachadh chothroman gu Gàidhlig a chleachdadh san sgìre agus a’ leudachadh an eachdraidh, an dualchas agus cothroman sòisealta.

Chaidh am pròiseact a leasachadh le Murchadh Moireasdan, Oifigear Coimhearsnachd, còmhla ri Manaidsear Ghrinneabhat, luchd saor-thoileach, agus luchd proifeasanta Gàidhlig suidhichte san sgìre.  Chaidh leantainn leis a’ phlana bho thùs, tron eòlas aig an luchd-obrach agus an luchd saor-thoileach a bha an sàs sa phròiseact.

Fhuair prògram thachartasan Ghrinneabhat 2122 taic bhon choimhearsnachd ionadail agus bho luchd-turais. Anns a’ phrògram bha clasaichean seachdaineil Bruidhinn Gàidhlig, sealltainn filmichean, cèilidhean, bùthan-obrach, agus seachdain de thachartasan coimhearsnachd a’ comharrachadh 10 bliadhnachan an Urrais.  Gu sònraichte bha prògram fad-sheachdain a’ comharrachadh an 100mh Ceann-bliadhna de Ghèillean na Muice-mara ann am Bràdhagair. Bha an tachartas seo na chleachdadh èifeachdach air tachartas eachdraidheil a’ ceangal ùidh sa chuspair le cothrom Gàidhlig a chleachdadh. 

Ionnsachadh

Tha UCBA air an eòlas le tachartasan coimhearsnachd, ceann-bliadhna an Urrais agus sgilean phroifeiseantaich ionadail le Gàidhlig a chleachdadh gu raon de thachartasan co-fhreagarrach ullachadh dhan choimhearsnachd ionadail.  Le fòcas air eileamaidean eachdraidheil is cultarail na coimhearsnachd, tha UCBA air comharrachadh eachdraidh is cultar na sgìre agus tha taic bhon choimhearsnachd ionadail agus luchd-turais dhan sgìre air soilleireachadh cho cudromach sa tha Grinneabhat mar thogalach coimhearsnachd agus UCBA mar bhuidheann a tha air àrainneachd sàbhailte, taiceil a thogail aig cridhe na coimhearsnachd.  

Fiosrachadh:

Photos by Fiona Rennie and North Harris Trust