Skip to content

Community Land Scotland

CASE STUDY: Gaelic Communities Fund
Urras Ceann a Tuath na Hearadh | North Harris Trust

Pròiseact: Maor Dùthcha na Hearadh
Maoin Coimhearsnachdan Gàidhlig air an Tabhann: £11,000

Eachdraidh

Chaidh Urras Ceann a Tuath na Hearadh (NHT) a stèidheachadh ann an 2002 gu sealbh a ghabhail air aon de na h-oighreachdan coimhearsnachd as motha ann an Alba. Ag obair a-mach à prìomh oifis san Tairbeart, tha trì-deug de stiùirichean agus còignear luchd-obrach òs cionn na 64,000 acraichean. Tha Gàidhlig air a bhith daonnan mar phàirt de leasachaidhean NHT.

Pròiseact

Chuir NHT Gàidhlig an lùib prìomh phrògram a bh’ aig an Urras cheana agus stèidhich iad Gàidhlig mar nì deatamach ann an dreuchd Maor Dùthcha an Urrais. 

Bhon eòlas air leasachadh coimhearsnachd agus conaltradh, thuig NHT a’ bhuannachd a tha tighinn bho neach-labhairt Gàidhlig a bhith ann an dreuchd le raon farsaing de dhleastanasan. Mheudaicheadh seo cleachdadh na Gàidhlig sa choimhearsnachd, a’ cruthachadh chothroman labhairt Gàidhlig nàdarra do dh’òigridh na sgìre, agus a’ leudachadh aire don chànan am measg luchd-turais don sgìre.

Dh’obraich cleachdadh nàdarra na Gàidhlig le taic a thoirt do dh’òigridh na coimhearsnachd gu meudachadh an ùidh agus an tuigsinn mun fhearann mun cuairt orra. Chaidh aig am Maor Dùthcha air fiosrachadh a chruinneachadh mu dhualchas agus eachdraidh ionadail na Hearadh, a bhrosnaich daoine gu na sgeulachdan aca fhèin innseadh agus mar sin gan cumail ann an cuimhne na coimhearsnachd.

B’ e a’ bhuil a b’ fhaicsinnich an àrdachadh nàdarra ann an cleachdadh na Gàidhlig sa choimhearsnachd, agus gu sònraichte ann an oifis NHT.

Ionnsachadh

Le Gàidhlig a bhith na eileamaid riatanach ann an dreuchd Maor Dùthcha, tha cothroman Gàidhlig a chleachdadh air èirigh gu nàdarrach sa choimhearsnachd.  Fhuair luchd-labhairt na Gàidhlig sa choimhearsnachd air leudachadh a thoirt air lìonra luchd-labhairt ris a bheil iad cofhurtail a bhith a’ còmhradh: tha seo gu sònraichte faicsinneach le luchd-labhairt òg na sgìre.  Le bhith a’ cumail fòcas a’ Mhaoir Dùthcha air obair àrainneachd agus a’ daingneachadh ceangalan ris an fhearann, tha NHT air toirt fa-near gu robh meudachadh seasmhach a thaobh cleachdadh Gàidhlig sa choimhearsnachd.

Previous slide
Next slide

Fiosrachadh:

Photos by Fiona Rennie and North Harris Trust