Skip to content

Community Land Scotland

CASE STUDY: Gaelic Communities Fund
Urras Coimhearsnachd Port Righ is a’ Bhràighe | Portree and Braes Community Trust

Pròiseact: Togail Guth don Ghàidhlig
Maoin Coimhearsnachdan Gàidhlig air an Tabhann: £10,000

Eachdraidh

Thòisich Urras Coimhearsnachd Phort Rìgh is a’ Bhràighe (PBCT) ann an 2016 agus dh’obraich e air raon farsaing de phròiseactan.  Tha dithis luchd-obrach le fòcas air phrìomh phròiseactan leasachaidh. Chuir Comhairle Coimhearsnachd Phort Rìgh agus a’ Bhràighe fios gu Fearann Coimhearsnachd na h-Alba an toiseach ann an dàimh ri maoineachadh agus chaidh obrachadh còmhla ri PBCT gu beachdan a thoirt air adhart.

Pròiseact

Bho thùs `s e bha san amharc dhan phròiseact, Togail Guth don Ghàidhlig, dà eileamaid a bhith ag obair còmhla; an toiseach a’ stèidheachadh chothroman neo-fhoirmeil, taiceil gu coinneachadh cunbhalach agus cleachdadh Gàidhlig, an uair sin gun gabhadh gnothachasan ionadail ri bhith a’ brosnachadh cleachdadh na Gàidhlig.

Stèidhich a’ chiad eileamaid dà bhuidheann a’ coinneachadh gach seachdain: madainn cofaidh air Dimàirt agus oidhche cheist ann an taigh-seinnse ionadail air Dihaoine. Le seiseanan cunbhalach rinnear cinnteach gu robhas a’ ruighinn an fheadhainn a bhathas a sireadh. Bha an dara eileamaid a’ toirt meudachadh nàdarra ann an cothrom Gàidhlig a chleachdadh ann beatha làitheil. Chuir 15 ghnothachasan ann an sgìre Phort Rìgh is a’ Bhràighe an ainm ris an iomairt.

Tha soirbheachas a’ phròiseict ri fhaicinn le suas ri 600 neach an sàs ann an caochladh thachartasan. Le bhith a’ leudachadh chothroman lìonra labhairt Gàidhlig thàinig buannachd shòisealta tro chruinneachaidhean cunbhalach a chur ris a’ phròiseact bheag èifeachdach seo. Mar thoradh air nàdar neo-fhoirmeil a’ phròiseict, bha na tachartasan seachdaineil glè thric air an stiùireadh le luchd-com-pàirt, a’ foillseachadh eisimpleir de leasachadh Gàidhlig fo stiùir na coimhearsnachd.

Ionnsachadh

Ged a tha am pròiseact sìmplidh, tha e deatamach gu bheil an co-òrdanaiche dealasach  chan ann a mhàin a thaobh rianachd nan tachartasan ach gan cuir air dòigh. Tha e soilleir gun deach an ùine a chosg ann an dòigh ghlic agus le maoin a bharrachd airson neach òs cionn a’ phròiseact thug sin cothrom do PBCT leantainn le na pròiseactan eile.

Fiosrachadh:

Photos by Cailean Maclean and Portree and Braes Trust