Skip to content

Community Land Scotland

CASE STUDY: Gaelic Communities Fund
Urras Tiriodh | Tiree Community Development Trust

Pròiseact: Gàidhlig ann an Tiriodh
Maoin Coimhearsnachdan Gàidhlig air an Tabhann: £11,200

Eachdraidh

Thòisich Urras Leasachaidh Coimhearsnachd Tiriodh (TCDT) ann an 2005 agus tha aon duine deug de luchd-obrach an urra ri seachd so-mhaoin às leth na coimhearsnachd.  Mar phàirt de so-mhaoin TCDT, tha maoin Duais-earrann air a chleachdadh airson caochladh phròiseactan. Thug an Urras fa-near gur e glè bheag de Ghàidhlig a bh’ air a chleachdadh air taobh-muigh foghlaim, agus chaidh dreuchd Oifigear Leasachaidh Gàidhlig a stèidheachadh.

Pròiseact

B’ e amas pròiseact TCDT sreath de thachartasan a chur air dòigh tron bhliadhna a bhiodh a’ meudachadh cleachdadh sòisealta na Gàidhlig sa choimhearsnachd. Thug am pròiseact seachad pàirt den mhaoin airson Oifigear Leasachaidh agus maoin eile airson tachartasan a chur air dòigh.

Bha na tachartasan seo a’ dol gu math gus na dh’fhàg an Oifigear Leasachaidh Gàidhlig pàirt shlighe tron phròiseact. Dh’adhbhraich seo gun tàinig atharrachadh sònraichte air plana a’ phròiseict agus chaidh co-dhùnadh ath-sgrùdadh a dhèanamh air Gàidhlig ann an TCDT, an dèidh dha Plana Leasachaidh Gàidhlig a bhith air ullachadh ann an 2021.

Chuidich dithis eile den luchd-obrach ann a bhith a’ ruith feadhainn de na tachartasan, ach b’ fheudar dàil a chur anns a’ mhòr-chuid. Ghabh am Manaidsear Coitcheann òs làimh co-chomhairleachadh coimhearsnachd a sheall gu robh feum air atharrachadh ann an comas, slighe agus àrd-amas taobh-staigh an Urrais.

Tha aithisg dheireannach a-nis sgrìobhte air mar a ghabhas Gàidhlig a thoirt air adhart mar phàirt den iomadh dleastanas a th’ air luchd-obrach TCDT aig am bi buaidh fada nas motha air cleachdadh na Gàidhlig sa choimhearsnachd an coimeas ris an t-slighe bho thùs far an robh aon neach le sgilean Gàidhlig.

Ionnsachadh

Tro bhith a’ lorg slighe gu cothroman a leasachadh bho shuidhichidhean gnàthaichte thig tuilleadh neart chan ann a-mhàin don bhuidheann ach do sheasmhachd phròiseactan cultarach frionasach leithid leasachadh Gàidhlig.