Skip to content

Community Land Scotland

CASE STUDY: Gaelic Communities Fund
Stòras Uibhist

Pròiseact: Flòraidh
Maoin Coimhearsnachdan Gàidhlig air an Tabhann: £18,500

Eachdraidh

Tha Oighreachd Uibhist a Deas ann an làmhan na coimhearsnachd agus air rianachd le Stòras Uibhist. Tha an oighreachd le 94,000 acraichean a’ gabhail a-steach eileanan Èirisgeigh, Uibhist a Deas agus pàirtean de Bheinn na Faoghla.

Tha Stòras Uibhist air a bhith daonnan taiceil do leasachadh na Gàidhlig san oighreachd. Air sgàth `s nach eil Gàidhlig aig an luchd-leasachaidh gnàthaichte, bha cothrom ann ceumannan a ghabhail ann an dàimh ri leasachadh cànain is dualchais.

Pròiseact

Tha am prìomh phròiseact, Flòraidh, a’ comharrachadh beatha Fhlòraidh NicDhòmhnaill a’ sònrachadh 300 bliadhna bho rugadh i ann an Uibhist a Deas ann an 1722.  Thug comharrachadh air neach eachdraidheil cliùiteach cothrom do Stòras Uibhist deuchainn a dhèanamh air pròiseact co-cheangailte ri cultar, a’ gabhail a-steach a bhith ag innseadh sgeulachdan ionadail agus a’ cruthachadh clàran fiosrachaidh.

Bho thùs bha dùil oifigear Leasachadh Gàidhlig fhastadh, ach le dùbhlain fastaidh air feadh nan eilean cha ghabhadh seo a choileanadh. Chaidh am pròiseact atharrachadh gu bhith air a ruith le co-òrdanaiche pàirt-ùine agus a’ cleachdadh nan sgilean agus an eòlais aig muinntir na sgìre.  Le neach freagarrach na àite, chaidh am pròiseact atharrachadh bhon chiad phlana far an robh aon neach gu bhith leotha fhèin gu sgaoileadh farsaing air an obair, le aon neach a’ co-òrdanachadh raon de thachartasan.

Ionnsachadh

Dh’fhoillsich pròiseact Flòraidh gu bheil taic ann an coimhearsnachd ionadail Stòras Uibhist gu brosnachadh agus cumail a’ dol pròiseactan chultarach tro bhith a’ fastadh luchd-obrach le Gàidhlig.  Aig toiseach chùisean bha am buidheann den bheachd nach soirbhicheadh le gluasad bho làn-ùine gu pàirt-ùine. Ach, bha tuigse sònraichte làidir air an lìonra ionadail aig an Oifigear Gàidhlig a chaidh fhastadh a thug cothrom na Fèinne do mhuinntir na coimhearsnachd, nam measg buidhnean cultarach, eòlaichean eachdraidh, luchd-ciùil, agus dannsairean Innse Gall. Le bhith sùbailte mun phròiseact agus cruthachail mu choinneamh dùbhlain, chaidh aig Stòras Uibhist air tachartasan sàr mhath air an cur air dòigh le eòlaichean sa choimhearsnachd, agus dhan choimhearsnachd.