Carson a tha Fearann Coimhearsnachd Alba air sruth maoineachaidh a stèidheachadh airson na Gàidhlig?
Chaidh a’ mhaoin seo a chruthachadh, le taic bho Bhòrd na Gàidhlig, gus coimhearsnachdan cruinn-eòlasach a bhrosnachadh gus dòighean ùr-ghnàthach a lorg gus cleachdadh na Gàidhlig a bhrosnachadh san sgìre aca. Tha Fearann Coimhearsnachd Alba a’ creidsinn ann an comas nam ball aca agus anns a’ choimhearsnachd san fharsaingeachd gus fuasglaidhean fhaighinn do na dùbhlain a tha romhpa.
Cò as urrainn tagradh a dhèanamh airson maoineachadh?
Tha Maoin Ghàidhlig Fearann Coimhearsnachd Alba fosgailte do bhuidhnean coimhearsnachd no buidhnean a tha
- Sna h-Eileanan Siar
- Ann an Eileanan Sgìre Comhairle na Gàidhealtachd
- Ann an Eileanan Earra-Ghàidheal is Bhòid
A bheil cuingealachadh sam bith ann?
Tha a’ mhaoin fosgailte do h-urrasan fearann coimhearsncadh agus urrasan dualchas coimhearsnachd a-mhàin.
Ciamar a nithear co-dhùnaidhean maoineachaidh?
Thèid na tagraichean iomchaidh tro phannal taobh a-staigh na buidhne agus an uair sin, thèid iad air adhart gu pannal air an taobh a-muigh airson sgòradh mu dheireadh. Thèid innse dhan h-uile tagraiche mu cho-dhùnaidhean a’ phannail.
Dè seòrsa pròiseact air am beachdaichear?
Beachdaichear air a h-uile pròiseact le fòcas air cleachdadh na Gàidhlig sa choimhearsnachd. Tha am pannal a’ sireadh phròiseactan a bhios soirbheachail ann a bhith a’ coileanadh nam prìomhachasan aig a’ cheann thall agus a bheir seachad an luach as àirde airson an airgid.
Thathar a’ sireadh tagraichean eadar £5,000 agus £30,000.
Bu chòir beachdachadh air na prìomhachasan maoineachaidh uile, ach thoir an aire nach fheum na pròiseactan a bhith a’ gabhail a-steach a h-uile puing seo airson a bhith soirbheachail. Bidh pròiseact a tha gu math làidir ann an aon no dhà de na raointean nas luachmhoire dhan mhaoin na pròiseact a tha a’ dèiligeadh ri gach raon gu ìre bheag.
Dè na prìomhachasan maoineachaidh?
Coimhead air an stiùreadh airson priomhachasan a’ mhaoinneachaidh.
Chithear liosta de na tagraichean soirbheachail bhon a ‘ chiad cuairt an seo.
Ma tha thu den bheachd gu bheil do phròiseact co-cheangailte ri prìomhachas maoineachaidh nach deach ainmeachadh san stiùireadh, bruidhinn ri Criosaidh aig Fearann Coimhearsnachd Alba.
Dè a thathar an dùil bho na buidhnean a nì tagradh?
Tha Fearann Coimhearsnachd Alba an dùil gum bi a h-uile tagraiche air làn bheachdachadh a dhèanamh air an obair agus air na goireasan a tha a dhìth airson a’ phròiseict aca. Tha sinn an dùil gum bi pròiseactan:
- A’ tòiseachadh air an uair
- Taobh a-staigh buidseit
- A bhith crìochnaichte air an uair
- A’ cumail chlàraidhean
- Bu chòir seanailean conaltraidh a stèidheachadh le Fearann Coimhearsnachd Alba ma thig dùbhlan sam bith am bàrr.
Dè dh’fheumas tu dèanamh a-nis gus iarrtas a dhèanamh dhan mhaoin?
Lìon am foirm nochdadh ùidh agus cuir tron phost-d e gu
Chrissie.gillies@communitylandscotland.org.uk ro 11 Faoilleach 2022. Chan fheum sinn tòrr mion-fhiosrachaidh aig an àm seo, dìreach geàrr-chunntas de na planaichean agaibh.
Thoir fa-near, ma chuireas tu teachdaireachd nochdadh ùidh a-steach, faodaidh tu co-dhùnadh gun a dhol air adhart oir chan e aonta ceangailteach a th’ ann. Cuiridh Criosaidh fios thugad gus taic a thoirt seachad le bhith a’ leasachadh beachd a’ phròiseict agus gus crìoch a chur air an tagradh. Tha am foirm a’ toirt dhuinn beachd air cò na buidhnean aig a bheil ùidh agus cuidichidh e sinn gus a’ mhaoin a phlanadh.