Maoineachadh air sgaoilleadh do bhuidhnean coimhearsnachd cur am mead cleachdadh na Gaidhlig

Le maoineachadh bho Bhòrd na Gàidhlig tha Fearann Coimhearsnachd na h-Alba air a’ chiad chuairt de thabhartasan a thoirt seachad bho sgeama pìleatach Maoin Coimhearsnachdan Gàidhlig ùr, gu còig buidhnean coimhearsnachd às eileanan na h-Alba.  Brosnaichidh na tabhartasan cur am meud cleachdadh na Gàidhlig sna coimhearsnachdan aca.  Shoirbhich le còig buidhnean is iad a’ co-roinn suim de £49,500.  Lìbhrigidh iad raon de thachartasan is gnìomhachdan, cuid mhòr dhiubh seo eadar-ghinealach, air feadh eileanan na h-Alba agus seo a’ toirt a-steach clasaichean cruthachail, fèis ùr, lìbhrigeadh de bhocsaichean bìdh don fheadhainn so-leònta, còmhraidhean, coinneahman, cuairtean-ceuma agus seirbheis ùr de mhaoir-coille Ghàidhlig air a’ bhlàr a-muigh.

 

’S iad na buidhnean coimhearsnachd soirbheachail Urras Coimhearsnachd Bhràdhagair agus Àrnoil aig Grinneabhat 2122 air taobh siar Leòdhais; Urras Ceann a Tuath na Hearadh; Portree and Braes Community Trust air an Eilean Sgiathanach; Buidheann Leasachadh Coimhearsnachd Horsiadair air taobh siar Leòdhais; agus Urras Thiriodh.

 

Tha prògram àrd-amasach aig Urras Coimhearsnachd Bhràdhagair agus Àrnoil gus clasaichean cruthachail eadar-ghinealach a chur air dòigh, bocsaichean bìdh a lìbhrigeach gach seachdain don fheadhainn so-leònta, fèis ùr a stèidheachadh le tachartasan aig Grinneabhat 2122 agus bruidhinn na Gàidhlig aig teis-meadhan gach gnìomhachd.

 

Leasaichidh Urras Ceann a Tuath na Hearadh Seirbheis Maoir-coille tron Ghàidhlig le sùil air tachartasan air a’ bhlàr a-muigh do dhaoine òga. Bidh gnìomhachdan coiseachd is cur an aithne na h-àrainneachd ann do luchd-tadhail cuideachd, a bheir piseach air mothachadh den àrainneachd ionadail agus seo a’ toirt a-steach fios gu bheil an cànan beò is beòthail, ga chleachdadh ann am beatha làitheil muinntir an àite.  Thathar ag amas air daoine òga a bhrosnachadh a bhith a’ cleachdadh a’ chànain taobh a-muigh làrach na sgoile aig deireadh na seachdain is sna làithean-saora. Tha am pròiseact seo a’ brosnachadh còrr mothachaidh de, agus dol an sàs le, tìr, fiadh-bheatha agus cultar nan eilean.

 

Cumaidh Portree and Braes Community Trust 2-3 tachartasan eadar-ghinealach san t-seachdain gu seachd àraidh air an amas air clann, leithid tachartasan spòrs, gnìomhachdan sa chlasrum agus comainn òigridh a ghabhas àite ann an suidheachaidhean eadar-dhealaichte a-staigh ’s a-muigh, a’ brosnachadh na feadhna a tha comasach sa chànan a bhith a’ cuideachadh is a’ cumail taic ris an fheadhainn nach eil cho comasach. Bidh bruidhinn na Gàidhlig ga bhrosnachadh ann am bùthan, taighean-seinnse is taighean-bìdh.

 

Tha Buidheann Leasachadh Coimhearsnachd Horsiadair a’ cur air dòigh tachartasan slàinte is sunnd na coimhearsnachd, cèilidhean agus taisbeanadh de dhealbhan-camara far am bithear a’ cur air adhart ìomhaigh dheimhinneach den Ghàidhlig tro shusbaint inntinneach a tha a’ cuimseachadh air piseach a thoirt air slàinte is sunnd. Chaidh tachartasan uile a phlanadh, nam measg cuairtean-ceuma, spòrs-uisge, buidhnean còmhraidh, bhidiothan, òraidean agus taisbeanaidhean.

 

Stiùirichidh Urras Thiriodh sreath de thachartasan ùra a’ toirt a-steach priob-chafaidh do bhiadh meadhan-latha anns am bithear a’ tairgse tachartasan tarraingeach don choimhearsnachd aca gus Gàidhlig a chur fa chomhair an t-sluaigh is daoine a bhrosnachadh a bhith a’ cleachdadh na Gàidhlig le feadhainn eadar-dhealaichte.   Am measg nan tachartasan tha sealltainn air film Gàidhlig le pannal beachdachaidh, dinnear le òrain is dàin Ghàidhlig, priob-chafaidh do bhiadh meadhan-latha air a ruith le inbhich is clann le Gàidhlig agus oidhcheannan airson Eachdraidh Thiriodh.

 

Stèidhicheadh a’ mhaoin phìleatach le Fearann Coimhearsnachd na h-Alba, an co-bhanntachd le Bòrd na Gàidhlig, a’ phrìomh bhuidheann le dleastanas airson leasachadh na Gàidhlig a chur air adhart ann an Alba.

 

“’S e urrasan coimhearsnachd air an ruith gu deamocratach a tha anns na tagraichean soirbheachail uile, agus na sgilean, an aithne agus an t-eòlas aca a bhith a’ cumail taic ri cleachdadh na Gàidhlig ann an dòighean ùr-ghnàthach is gun an leithid,” thuirt Chrissie Gillies, oifigear leasachadh na Gàidhlig aig Fearann Coimhearsnachd na h-Alba. “Tha na pròiseactan a’ cuimseachadh air raon de chothroman, a leithid sunnd is tachartasan air a’ bhlàr a-muigh, buidhnean còmhraidh, seinn, is tòrr a bharrachd.”

 

“’S e maoin phìleatach a tha seo gus taic a chumail ri cleachdadh na Gàidhlig. Tha i ann gus daoine a tha fileanta sa chànan co-dhiù bho dhùthchas gus chan ann a bhrosnachadh a bhith ga chleachdadh agus bha i fosgailte do dh’urrasan fearann coimhearsnachd agus urrasan dualchas coimhearsnachd sna h-Eileanan A-staigh is na h-Eileanan Siar,” arsa Agnes Rennie, stiùriche bòrd Fearann Coimhearsnachd na h-Alba agus i na cathraiche air a’ phannal mhaoineachaidh.

 

Thuirt Shona MacLennan, Ceannard Bòrd na Gàidhlig “Tha sinn air ar dòigh a bhith ag obair an co-bhanntachd le Fearann Coimhearsnachd na h-Alba agus a bhith a’ cur a’ dol na dòigh-obrach pìleataich seo mu choinneamh maoineachadh leasachadh na Gàidhlig.  Bidh urrasan coimhearsnachd sna h-eileanan a’ dèanamh obair sàr luachmhor agus tha a’ mhaoin ann gus dèanamh cinnteach gum bithear a’ cleachdadh na Gàidhlig gus am bi barrachd Gàidhlig an sàs anns na gnìomhachdan aca.  Bidh gach pròiseact a chaidh a mhaoineachadh a’ cur ri amas Plana Cànain Nàiseanta na Gàidhlig gun tèid a’ Ghàidhlig a chleachdadh nas trice, le barrachd dhaoine ann am barrachd shuidheachaidhean.”

 

Ag obair an co-bhanntachd le Bòrd na Gàidhlig (BnG), bheachdaich Fearann Coimhearsnachd na h-Alba air tagraidhean a chaidh an uairsin airson measadh gu pannal air an taobh a-muigh, air an robh Agnes Rennie à Urras Oighreachd Ghabhsainn ann na Leòdhas na cathraiche agus i na leas-chathraiche de CLS. B’ iad buill eile a’ phannail Rhoda Meek, croitear an Tiriodh agus neach-tionnsgain sòisealta, Mairi Buchanan, àrd manaidsear leasachaidh ann an Iomairt na Gàidhlig ’s nan Eilean agus an t-Oll. Tim Armstrong, àrd-òraidiche le Gàidhlig is Conaltradh aig Sabhal Mòr Ostaig (colaiste na Gàidhlig).

 

An ceann goirid cuiridh Fearann Coimhearsnachd na h-Alba an dàrna cuairt den mhaoineachadh a’ dol agus i fosgailte do h-urrasan fearann coimhearsnachd agus urrasan dualchas coimhearsnachd anns na h-Eileanan A-staigh is na h-Eileanan Siar aig a bheil beachdan a chumadh taic ri cleachdadh na Gàidhlig sna sgìrean aca fhèin. Thathar a’ brosnachadh luchd-tagraidh fios a chur gu Chrissie Gillies airson còmhradh mu na beachdan aca.

 

Urras Coimhearsnachd Bhràdhagair agus Àrnoil, Grinneabhat 2122, Eilean Leòdhais

’S e Grinneabhat, a bha uair Sgoil Bhràdhagair, an t-ionad cèilidh/coinneachaidh as ann leis a’ choimhearsnachd a tha air a leasachadh, agus a tha a’ tairgse àite-fuirich is goireasan eile is air a stiùireadh le Urras Coimhearsnachd Bhràdhagair agus Àrnoil.  Fhuair a’ bhuidheann seo tabhartas ùr bhon Mhaoin Ghàidhlig a leigeas leotha prògram de thachartasan is gnìomhachdan a chur air dòigh airson na coimhearsnachd is luchd-tadhail a’ toirt a-steach ath-aithris de phròiseact soirbheachail Story Box le neach-ealain Sandra Kennedy a bhuineas don àite.

 

Sa phròiseact seo, a rinneadh tro mheadhan na Gàidhlig, chaidh iarraidh air com-pàirtichean nithean a thoirt leotha a bha brìgheil dhaibh fhèin. An uair sin stiùirich Sandra an fheadhainn air a’ chùrsa tron phròiseas chruthachail às an tàinig na 3 bocsaichean seo. (san dealbh) ’S ann do dh’inbhich a bhios ath-aithris a’ phròiseict agus bithear a’ cuimseachadh cuideachd air tar-chur eadar-ghinealach na Gàidhlig.

 

Mar thoradh air a’ mhaoineachadh ùr bidh e comasach cuideachd bocsaichean bìdh riatanach ullachadh is a lìbhrigeadh gu buill iomallach is so-leònta coimhearsnachd Urras Coimhearsnachd Bhràdhagair agus Àrnoil (UCBA) tro mhìosan a’ gheamhraidh.  Am measg nam planaichean eile tha fèis ùr sa Ghearran, cur air dòigh gnìomhachdan ionnsachadh is cur air adhart na Gàidhlig agus tachartas san Lùnastal 2022 far am bithear a’ comharrachadh 100 bliadhna bho thogadh Gèillean na Muice-mara, a tha na chulaidh-iongnaidh ainmeil do luchd-tadhail.

 

“A bharrachd air sin bidh sinn a’ planadh cuairtean airson cuid de mhuinntir an àite ann an cuideachd shaor-thoileach gu culaidhean-iongnaidh ionadail a bhrosnaicheas bruidhinn na Gàidhlig agus a chuidicheas an fheadhainn seo faighinn a-mach às an taigh air feadh an àite ann an dòigh nach biodh comasach dhaibh san àbhaisteachd,” arsa Murdo Morrison, Oifigear na Coimhearsnachd.

 

Rannsachadh cùise – Tabhartas Maoin Coimhearsnachdan na Gàidhlig gu Urras Ceann a Tuath na Hearadh

Stèidhich Urras Ceann a Tuath na Hearadh seirbheis mhaor-coille ann an 2013 airson a bhith a’ cur air adhart mothachadh, com-pàirteachadh, cùram is cleachdadh cunntasach na h-àrainneachd nàdarraich is dualchais cultaraich anns na Hearadh. Nochd seo ann an iomadh riochd thairis air na bliadhnaichean is thogadh càirdeasan làidir le luchd-ùidhe na sgìre. “Leis gun do stèidhicheadh seirbheis Uàrdan na Hearadh ann an 2021, gus comas a thogail airson dèiligeadh ri luchd-tadhail, tha sinn a’ creidsin gur ann a-nis a bu chòir dhuinn stiùir ùr a thoirt do sheirbheis a’ mhaoir-coille agus sinn a’ fastadh maor-coille fileanta sa Ghàidhlig a bhios ag obair tro mheadhan na Gàidhlig,” arsa Michael Hunter à Urras Ceann a Tuath na Hearadh anns an Tairbeart.

Tha Urras Ceann a Tuath na Hearadh a’ rianadh 25,900ha de dh’fhearann oighreachd ann an seilbh na coimhearsnachd.  Chuidicheadh am maoineachadh bho dh’Fhearann Coimhearsnachd na h-Alba agus Bòrd na Gàidhlig ann an comasachadh tachartasan air a’ bhlàr a-muigh a’ toirt a-steach Fèis nam Beann.  Tha com-pàirteachadh na h-òigridh na phàirt chudromach den phròiseact agus tha planaichean ann Duaisean Iain Muir a lìbhrigeadh tro mheadhan na Gàidhlig do dhaoine òga san sgìre.  “Tha sinn a’ creidsinn gur e seo a’ chiad uair a ruithte Duais Iain Muir gu h-ionadail tro mheadhan na Gàidhlig.”

“Tha sinn a’ creidsinn gu bheil e cudromach Gàidhlig a chleachdadh taobh a-muigh àrainneachd na sgoile aig an deireadh-seachdain agus sna saor-làithean, agus a bhith a’ cumail taic ris an ath ghinealach de luchd-labhairt sa choimhearsnachd, a’ meudachadh misneachd is comas sa chànan ann an dòigh nàdarrach,” lean Michael air.

Tha prògram de thachartasan air a’ bhlàr a-muigh a’ toirt a-steach cuairtean dà thriop san t-seachdain gu bhith ag amharc air eòin, mamalan mara agus fiadh-bheatha eile, cur chraobhan, sgioblachadh thràighean agus togail staran. Thathar gan amas seo air luchd-tadhail is seallaidh iad mar a tha Gàidhlig na pàirt de choimhearsnachd bheò. “’S ann againne a tha an dùmhlachd as motha de iolairean-buidhe ann an taobh an iar na Roinn-Eòrpa,” arsa Michael. “Ionnsaichidh an luchd-tadhail na h-ainmean Gàidhlig is na faclan a tha air eòin is gleanntan, a’ toirt a’ chànain beò le daoine nach eil ga bhruidhinn. Tha sinn airson mothachadh a thoirt a-steach gu bheil an cànan beò is beòthail, is ga chleachdadh ann am beatha làitheil muinntir an àite.”

 

Thoiribh guth às leth na Gàidhlig – Rannsachadh cùise Portree and Braes Community Trust

Thugadh tabhartas do Portree and Braes Community Trust bho Mhaoin Coimhearsnachdan na Gàidhlig ùr aig Fearann Coimhearsnachd na h-Alba.  ’S ann airson pròiseact a chaidh a dhealbhadh airson Gàidhlig labhairteach a thoirt air ais san sgìre a tha an tabhartas seo agus thèid a stiùireadh an co-bhanntachd le Comhairle Choimhearsnachd Phort Rìgh is A’ Bhràighe.    “Lìbhrigear e ann an sreath de thachartasan – coinneamhan is gnìomhachdan sam faod luchd-labhairt bho dhùthchas is luchd-ionnsaichidh aig gach ìre bruidhinn sa Ghàidhlig,” arsa Fay Thomson, a tha na ball de Portree and Braes Community Trust agus i na Comhairliche Coimhearsnachd ann am Port Rìgh ’s Am Bràighe. “’S ann mu dheidhinn Gàidhlig a bhruidhinn ann an suidheachaidhean làitheil a tha e.”

’S ann leis an urras a tha fearann agus togalaichean a tha ann airson cleachdadh leis a’ choimhearsnachd san Eilean Sgiathanach.   Tha e ag amas air a bhith a’ brosnachadh is a’ co-òrdanachadh ath-bheòthachadh eaconomach, cultarail is àrainneachdail Phort Rìgh is A’ Bhràighe on a dh’ainmich muinntir na coimhearsnachd gur iad seo na prìomhachasan. Agus leis a’ phròiseact ùr seo ag amas air Port Rìgh is Am Bràighe a stèidheachadh mar daingneach de Ghàidhlig labhairteach is a cleachdadh làitheil a chur am meud.

“Bidh sinn a’ cur air adhart cleachdadh na Gàidhlig ann an gnothachasan ionadail, gu h-àraidh ann am bùthan, taighean-seinnse agus taighean-bìdh far am bi daoine a’ tighinn còmhla san sgìre,” lean Fay oirre. “Iarraidh sinn air gnothachasan luchd-obrach a bhrosnachadh a bhith a’ beannachd luchd-ceannaich sa Ghàidhlig agus a bhith a’ cur an àirde soidhnichean a tha a’ sealltainn gu bheil an gnothachas a’ cumail taic ris a’ Ghàidhlig is ga cur air adhart.”

“Tha e san amharc dhuinn lìonradh de luchd-labhairt dùthchasach a chur ri chèile a bharrachd air feadhainn a tha ùidh aca ann a bhith a’ meudachadh am misneachd ann an cleachdadh a’ chànain – thathar air dealbhadh ar coinneamhan dà uair san t-seachdain airson luchd-labhairt dùthchasach is daoine de gach aois is comas a bhrosnachadh Gàidhlig a bhruidhinn.”

“’S e an dùbhlan a chur air ais an laghdachaidh ann an cleachdadh na Gàidhlig tro bhith a’ cur ri misneachd is ag àbhaisteachadh cleachdaidh làitheil. Tha rannsachadh a’ dearbhadh gu bheil cleachdadh a’ chànain a’ laghdachadh ged a tha an àireamh de luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig a’ dol am meud. Bidh iomadh neach-labhairt dùthchasach ag ràdh nach eil uiread ann de chothroman Gàidhlig a bhruidhinn. Bidh luchd-ionnsachaidh ag aithris gu bheil dìth chothroman ann an cànan a chleachdadh gu h-àraidh le luchd-labhairt dùthchasach. Tha co-bhuannachd ann an dà bhuidheann a thoirt còmhla agus sin dìreach na tha san amharc dhan phròiseact seo.”

“Gu seachd àraidh, tha sinn airson ’s gun còrd e ri daoine Gàidhlig a bhruidhinn, co-dhiù a bheil iad fileanta gus a bheil iad airson ionnsachadh corra fhacal a ràdh.    Tha sinn gu mòr an dòchas gun dèan am pròiseact seo adhartas a dh’ionnsachadh Gàidhlig a thoirt air ais mar chànan an Eilein Sgiathanaich.”

Bidh coinneamhan fosgailte do chàch anns an Eilean Sgiathanach agus ann an Ratharsair, a bharrachd air luchd-tadhail san sgìre.

 

Bidh Leasachadh Coimhearsnachd Horsiadair ann an eilean Leòdhais a’ cur air bhonn Slàn san Dachaigh, Pròiseact ‘Healthy at Home’ a chaidh fheuchainn an toiseach ann an 2020. Bidh seo a’ toirt a-steach tachartasan a-staigh is a-muigh gach seachdain, agus cèilidhean ann an taighean an luchd-còmhnaidh, clasaichean Gàidhlig, agus taisbeanadh dealbh-thogail an co-bhanntachd le buidhnean ionadail eile. ’S e am maoineachadh ùr bhon Mhaoin Coimhearsnachdan Cleachdaidh a tha a’ comasachadh seo an cois le ionmhas a fhuaras bhon Tuathanas Gaoithe air a ruith le Horsiadair.

“Gu ìre, ’s e an glasadh-sluaigh agus na dùbhlain a dh’èireas nuair a dh’fheumar fuireach aig an taigh a bhrosnaich sinn.  Agus thàinig e thugainn gu bheil buill den choimhearsnachd againn a tha nas duilghe a ruigsinn is nach eile, is dòcha, a’ fritheileadh nan tachartasan a th’ againn mar-thà,” arsa Euan MacLeod, manaidsear leasachaidh.

“Tha e fìor chudromach prògram slàinte is sunnd a bhith againn, a tha ag amas air piseach a thoirt air slàinte chorporra is inntinneil don a h-uile duine. Thathar air soirbheachadh leinn mar-thà le raon farsaing de dh’aoisean a ghabh pàirt sa phrògram againn air a’ bhlàr a-muigh le cuairtean coimhearsnachd, clasaichean arrantachd, agus gnìomhachdan san uisge. ’S e a tha romhainn san àm ri teachd tachartasan cunbhalach slàinte is sunnd a stiùireadh mar as trice sa Ghàidhlig airson daoine aig gach aois.”

“Tha cleachdadh na Gàidhlig aig teis-meadhan gach rud a nì sinn. Ann an 2020, airson a’ chiad uair, dh’ùghdarraich Horsiadair plana Gàidhlig mar aonta foirmeil sa bhuidhinn againn, an àite a bhith a’ sùileachadh gun tachradh leasachadh cànain gu nàdarrach.”

“Tha am maoineachadh ùr a’ leigeil leinn neach le Gàidhlig fhastadh aig a bheil na sgilean is an t-eòlas iomchaidh a chuidicheas sinn ann an lìbhrigeadh a’ phrògraim seo.”

“Chan ann a-mhàin gun cruthaich sinn cothrom fastaidh ùr, ach cuideachd gu bheil e san amharc againn conaltradh a chumail le còrr den choimhearsnachd ionadail againn a tha, is dòcha, steigte san taigh no nach eil air pàirt a ghabhail ann an seirbheis is tachartasan eile. Thèid seo a choileanadh tro bhidiothan Gàidhlig airson nam meadhannan sòisealta, stuthan air loidhne, agus stòrasan aig-an-taigh eile.”

“San Dàmhair, chùm sinn a’ chiad tachartas a-staigh a bha againn ann an 16 mìosan, an dèidh lasachadh bacaidhean galar mòr-sgaoilte cruinneil.  Bhon uair sin, rudeigin gun dùil, thill làthaireachd aig tachartasan coimhearsnachd dhan aon ìre agus a bha ann ron ghalar mhòr-sgaoilte.  Tha seo a’ soilleireachadh cho buannachdail ’s a tha e a bhith a’ cur air dòigh cothroman sòisealta is foghlaim aig ìre ionadail.”