Maoin Ghàidhlig Ùr ga foillseachadh airson coimhearsnachdan eileanach a bhrosnachadh a’ bruidhinn na Gàidhlig

Chuir Fearann Coimhearsnachd na h-Alba air bhonn sruth maoineachaidh pìleatach airson na Gàidhlig, le taic bho Bhòrd na Gàidhlig, am buidheann riaghltais, gus coimhearsnachdan a bhrosnachadh ann a bhith a’ sireadh dhòighean ùr-ghnàthach airson cleachdadh na Gàidhlig a chur am meud san sgìre aca fhèin.

’S e as adhbhar do Mhaoin Coimhearsnachdan na Gàidhlig a bhith a’ tàladh phròiseactan a chuireas am meud cleachdadh na Gàidhlig ann an coimhearsnachdan eileanach ann an Alba, agus gu h-àraidh air feadh sgìrean a bhuineas don Choimhearsnachd fhèin. Tha a’ mhaoin ann do choimhearsnachdan eileanach sna h-Eileanan Siar, Earra Ghàidheal is Bhòd, agus ann an sgìre Comhairle na Gàidhealtachd.

“Tha a’ Ghàidhlig na pàirt bhunaiteach den bheatha sna h-eileanan thar oirthir an iar, agus a bharrachd air sin na stòras cultarail is eaconamach nàiseanta,” arsa Shona Maclennan, ceannard Bòrd na Gàidhlig. “Ann a bhith a’ cur air bhonn an sgeama phìleataich seo, tha CLS a’ cur goireas an làimh nan coimhearsnachdan fhèin gus an dèan iad am planaichean fhèin is gus an toir iad seachad cothroman air Gàidhlig a chleachdadh san ceàrnaidh fhèin den t-saoghal.”

 “Tha sinn air ar dòigh gu bheil sinn a’ brosnachadh barrachd cleachdaidh den Ghàidhlig tro bhith a’ cur na maoine ùire seo air bhonn. ’S ann gu mòr a tha CLS an sàs ann am pròiseactan a bhuineas do na coimhearsnachdan ionadail agus mòran dhiubh a’ measadh na Gàidhlig mar phàirt air leth cudromach den dualchas againn agus den bheatha làitheil.”

’S e Bòrd na Gàidhlig am prìomh bhuidheann poblach ann an Alba ris a bheil e an urra Gàidhlig a leasachadh. Air a stèidheachadh fo Achd na Gàidhlig an 2005, ’s e an dleastanas aig a’ Bhòrd inbhe na Gàidhlig a dhèanamh tèarainte mar chànan oifigeil ann an Alba, a bhios a’ dleasadh na h-aon spèis agus a tha aig a’ Bheurla.

Ann an tòrr de na sgìrean air a bheilear ag amas, tha “buill” de dh’Fhearann Coimhearsnachd na h-Alba, a tha ann airson taic a chumail ri leasachadh sealbh coimhearsnachd ann an Alba dhùthchail is bhailteil.

Thuirt Chrissie Gillies, Oifigear Leasachadh na Gàidhlig ùr aig Fearann Coimhearsnachd na h-Alba: “Thathar a’ sireadh iarrtasan bho urras aig a bheil fearann/stòras coimhearsnachd. Ged a tèid buidhnean mar seo a phrìomhachasachadh, cuirear fàilte air iarrtasan bho bhuidhnean eile a tha stèidhte san sgìre.”

“Beachdaichear air gach pròiseact aig a bheil amas air cleachdadh na Gàidhlig sa choimhearsnachd. Tha sinn a’ sireadh phròiseactan a bhrosnaicheas is a chumas taic ri luchd-labhairt na Gàidhlig, agus tha sinn a’ cur fàilte air pròiseactan a tha dualchas is cultar aca nan lùib. Beachdaichidh sinn air pròiseactan a dh’fheuchas ri cur ris na tha comasach do luchd-labhairt ann an sgìre cuideachd.”

’S e màthair òg aig a bheil a’ Ghàidhlig a tha ann an Shona Macmillan agus i a’ fuireach còmhla ris an teaghlach aice sna h-Eileanan Siar, is thuirt ise: “leis gu bheil mi air èirigh suas ann an coimhearsnachd na Gàidhlig air Eilean Leòdhais, is mi air cur romham fuireach ann mar inbheach gus obair ann agus teaghlach àrach, tha an cothrom Gàidhlig a chleachdadh mar phàirt bhunaiteach den choimhearsnachd gu math fhèin cudromach dhomh.”

“Ann an cosnadh a bha agam roimhe, dh’obraich mi an cois le buidhnean coimhearsnachd gus tachartasan is gnìomhachdan a chur air dòigh aig a bheil feum air maoineachadh tabhartais agus is cinnteach gun cuir na buidhnean seo fàilte chridheil air a’ chothrom a tha ann an Maoin ùr Coimhearsnachdan na Gàidhlig bho dh’Fhearann Coimhearsnachd na h-Alba.”

“Tha mi a’ creidsinn gu bheil e riatanach gun glèidh sinn is gun neartaich sinn ar cleachdadh den Ghàidhlig, gu h-àraidh am measg theaghlaichean as òige sna coimhearsnachdan seo, gus dèanamh cinnteach gum mair ar cànan is gum bi i fada beò. Nì an cothrom air a’ mhaoineachadh thabhartais seo diofar mòr do na buidhnean ionadail is iad airson Gàidhlig fhighe a-steach ann an cleachdadh làitheil sna sgìrean aca.”

“Tha nighean agam, Mairead, is cha mhòr nach eil i aon bhliadhna a dh’aois, agus bidh mi a’ bruidhinn Gàidhlig rithe gach latha. Tha sinn an dùil ri dàrna leanabh sa Ghearran agus ’s e a tha san amharc dhuinn ar cuid cloinne a thogail ann an coimhearsnachd Ghàidhlig. Tha e gu math misneachail gu bheil fios againn gu bheil Fearann Coimhearsnachd na h-Alba ag obair an co-bhann le Bòrd na Gàidhlig agus gun comasaich seo gnìomhachdan far an tèid aig an fheadhainn shean is òg tighinn cruinn còmhla is bruidhinn ar cànan ri càch a chèile.”